Naomh Anndrais

Слайд 2

Slatan-tomhais soirbheachaidh Amas 'S urrainn dhomh mìneachadh cò bh' ann an



Slatan-tomhais soirbheachaidh

Amas

'S urrainn dhomh mìneachadh cò bh' ann an

Naomh Anndrais.

Le bhith ag ionnsachadh mu dhèidhinn beatha is dèanadas Ìosa is prìomh-thosgairean Chrìosdaidheachd, tha tuilleadh eòlais is tuigse nas fharsaing agam air creideamh Chrìosdaidheachd. RME 2-01b

Слайд 3

Naomh Anndrais - Ar Naomh Nàiseanta

Naomh Anndrais - Ar Naomh Nàiseanta

Слайд 4

Naomh Anndrais - Ar Naomh Nàiseanta 'S e Naomh Anndra naomh

Naomh Anndrais - Ar Naomh Nàiseanta

'S e Naomh Anndra naomh nàiseanta

na h-Alba is nithear fèille air 30mh na Samhna.
Bha e na iasgair ann an Galile mus do chuir e fhèin is a bhràthair Sìm romhpa a bhith a' leantainn Ìosa.
Chaidh Anndrais a mharbhadh airson a chuid creideimh sa Ghrèig leis na Ròmanaich. Chaidh e a cheusadh air crann le cruth X, oir thathar ag ràdh nach robh e an dùil gu bu chòir dha eugadh san aon dòigh a dh'eug Ìosa.
Ceudan de bhlaidhnaichean às dèidh dha eugadh, chaidh a chorp a thoirt gu Cathair Chonstaintìn, is an uairsin, gu Amalfi san Eadailt, far a bheil iad fhathast san latha an-diugh.
Слайд 5

Fhuair am manach Greugach, Naomh Regulus, òrdaugh ann an aisling, cnàmhan

Fhuair am manach Greugach, Naomh Regulus, òrdaugh ann an aisling, cnàmhan

Anndrais, mar thaisean, a thoirt gu crìoch an t-saoghail, gus an cumail dìon.
Thug e air ann an long a chaidh fodha faisg air cladach na h-Alba an Ear, air a bheil Cill Rìmhinn. Sa Bheurla 's e St. Andrews an t-ainm a th' air.
Слайд 6

Sa bhliadhna 832 AD, thathar ag ràdh gun do nochd Nam

Sa bhliadhna 832 AD, thathar ag ràdh gun do nochd Nam

Anndrais ann an aisling a fhuair rìgh Cruithneach, air an oidhche ro bhlàr.
Air latha a' bhlàir fhèin, nochd crois ann an cruth X san adhar os cionn a' bhlàir is bha na Crutihnich buadhmhor.
'S a' chrois seo, no Crann na h-Alba, a chaidh a chleachdadh bho shin a-mach mar bhratach nàiseanta nan Albannach.
Слайд 7

Chaidh Anndrais ainmeachadh mar naomh nàiseanta na h-Alba son a' chiad

Chaidh Anndrais ainmeachadh mar naomh nàiseanta na h-Alba son a' chiad

uair ann am Foirgheall Obar Bhrothaig.
B' e iarrtas don Phàp bhon Rìgh Raibeart Brus is uaislean na h-Alba, a dh'inns dha gun robh iad airson sìth a thoirt air an dùthaich, gun a bhith an eisimeil Shasainn.
San làmh-sgrìobhainn, leughar gur e Anndrais 'ar pàtran is ar neach-dìon'.
Слайд 8

Ann an 1318, chaidh crìoch a chur air cathar-eaglais Chill Rìmhinn.

Ann an 1318, chaidh crìoch a chur air cathar-eaglais Chill Rìmhinn.

B' i an eaglais as motha ann an Alba, ron Ath-leasachadh. Chaidh taisean Anndrais a mhilleadh san 16mh linn, aig àm an Ath-leasachaidh Abannaich.
Ann an 1879 thug Easbaig Amalfi tìodhlac cnàmh gualann Anndrais do Chathar-eaglais na Moire ann an Dùn Èideann. Thug am Pàp Pòl VI taisean a bharrachd do dh'Alba ann an 1969.

Leis gun robh taisean cnàmhan Anndrais ann an Alba, bha làrach Chill Rìmhinn na ainmeil airson taistealachd creidich Chrìosdaidheachd.

Слайд 9

A thuilleadh air a bhith na naomh nàiseanta ann an Alba,

A thuilleadh air a bhith na naomh nàiseanta ann an Alba,

nithear moladh air Anndrais mar phàtran an am Barbados, Sisilidh, Cìopras, is Romàinia is anns a' Ghrèig, an Ruis is an Ucràin.
Tha na tha air fhàgail den chrann air a cheusadh Anndrais ga chumail sa chathair-eaglais ann am Patras, sa Ghrèig, far an robh e na easbaig ann.
Tha Anndrais na phàtran-naomh do dh'iasgairean, ceannaichean-èisg is ròpadairean.